Breaking the mould – what now for women’s shinty? Image Le Cupa Ball-coise na Cruinne do bhoireannaich air soirbheachadh cho math san Fhraing an 2019, tha aire an t-saoghail air gluasad gu spòrs bhan ann an dòigh nach robh duine air sùileachadh, fiùs bliadhna air ais. Agus le buidhnean leithid FIFA agus buidhnean nàiseanta a-nis mothachail gur e slighe malairteach a tha ron earrann sin dhen ghèam as motha air feadh an t-saoghail, chan eil teagamh nach tig leudachadh agus leasachadh gu math nas sgiobalta air a h-uile taobh dhen ghèam do na boireannaich.Chan eil an raon romhpa uile gu lèir cho rèidh sin ged-tha, ged a tha an saoghal do bhall-coise nam ban gu math nas gleansach agus nas tarraingiche an-diugh na bha e mus do thòisich Farpais na Cruinne. Leanaidh an geam an t-airgid, chionn tha FIFA agus buidhnean nàiseanta mothachail a-nis gur fhaodadh gum bi sruth airgid ann dhaibh fhèin an-lùib an leasachaidh, agus bidh na cluicheadairean iad fhèin, mar a dhearbh boireannaich an USA, gu math mothachail air an luach fhèin anns an t-sroillich feuch cò as motha a gheibh an cothrom air an sporran.Tha sin ceart gu leòr do bhoireannaich a tha ri ball-coise ged a tha ceistean gu leòr ann fhathast mu chiamar a dhèiligeas na dùthachan beaga (a thaobh àireamhan chluicheadairean) leithid Alba ri cùisean. Ach a bheil, gu fìrinneach, an dealbh cho buileach gleansach agus gealltainneach do spòrs nam ban? Agus gu sònraichte `s dòcha do mhean-spòrs leithid camanachd far a bheil na h-àireamhn buileach nas lugha?Mus coimhead sinn air an t-suidheachadh a’ dol air adhart, tha e feumail coimhead air càite an robh camanachd nam ban anns na bliadhnaichean a chaidh, can fiùs 10, 20 gun tighinn air 50 bliadhna air ais.Nam biodh duine air a ràdh rium fhèin anns na seachdan anns an Oilthigh an Glaschu, far nach boireannach faisg air na geamaichean againn mur robh iad ri suirighe, gum biodh camanachd nam ban far a bheil e an-diugh, cha robh mi air facal a chreidsinn. Geamaichean beò air an telebhisein (air seirbheis Ghàidhlig cuideachd) le structuran nàiseanta, fiùs aon bhoireannach na rèitire air geamaichen nam fear, agus cloinn-nighinn gu math tric a’ nochdadh an co-ionnannachd ri gillean agus fireannaich ann an geamaichean àbhaisteach. Ri mo latha sa, a’ dol air ais gu m’fhìor òige, cha robh boireannaich nam pàirt de chamanachd ann an dòigh sam bith ach ris an iomall, a’ dèanamh an tì ma bha iad idir ann, agus a’ frithealadh leithid thiocaidean, raffles is eile. Beag air bheag ged tha, fiùs anns na 70-an, agus an saoghal mòr ag atharrachadh, thòisich an crathadh, ged nach tàinig a’ chrith-thalmhainn a bha cuid a’ muigheadh, fiùs le fealla-dha. Ma `s math mo chuimhne bha Liz NicAonghais (à Steòrnabhagh bho thùs, gu h-inntinneach) am measg a’ chiad bhoireannaich a nchd ann an saoghal follaiseach na camanachd, agus còmhla rithe thàinig leithid Donnella Crawford mu dheas. Ged nach robh iad a’ cluich, agus chan aithne dhomh cho fada air ais ri sin gu robh cluich sam bith a’ dol ach corra gheam spòrsail agus fealla-dha, `s ann ann an rianachd a’ ghèaim a rinn na boireannaich sin an slighe air adhart. Bha iad an sàs ann an comataidhean nàiseanta, agus le Donna gu sònraichte ann an saoghal nan sgoiltean far an robh grunn luchd-teagasg bho àm gu àm a’ cuideachadh ann an sgoiltean. Ach `s e saoghal nam fear a bha an saoghal na camanachd. Agus leis an eachdraidh a th’aig a’ ghèam agus an suidheachadh sòisealta a bha a’ riaghladh air feadh na Gàidhealtachd gu h-eachdraidheil, cha bu chòir sin a bhith na iongnadh.Ged a bha stroillich gu leòr anns na 70-an am measg bhoireannaich nach robh iad a’ faighinn cothrom na fèinne ann an saoghal na camanachd – agus tha irisean Leabhair Bhliadhnail na Camanachd an “Shinty Yearbook” na dhearbhadh air sin, thug e còrr math is fichead bliadhna gus an do thòisich an siol a chaidh a chur sna 70-an a’ fas. `S ann mu thionndadh na linne a thàinig cùisean gu ceann agus am follais le gèamaichean a’ tòiseachadh ann an grunn sgìrean – mun Òban , Gleann na Garadh is eile, agus sradag bheag a’ beòthachadh an sud san seo. Bha na sgiobaidhean sin an ìre mhath uile an crochadh air aon neach no dha a bha gam putadh agus gam misneachadh agus mar a thòisich an gluasad `s ann a bu dhàine a thòisich na boireannaich a’ dol an sàs ann an clutch.Ach bha gu leòr nan aghaidh – “Watch Out Boys, Revolution’s in the Air as Shinty Widows Stage a Takeover”, sgrìobha Liz MacInnes, a bha aig an àm na Rùnaire air sgioba Inbhir Nis agus air comadaidhean eile. “Many of the men treat us as a joke,” thuirt i, “and are loathe to listen to our opinions.” Cha robh e fada agus an do thòisich a’ chuibhle a’ dol mun cuairt. Bha aon shuidheachadh eile a chuidich leis a’ ghluasad seo agus am fàs, agus gu n-annasach `s e crìonadh a bh’air cùl chùisean. Bha àireamhan sgoilearan ann am bun-sgoiltean air feadh na Gàidhealtachd, agus ann an sgìrean far am bu dual camanachd a’ crìonadh – ceangailte gu math tri cri cion-cosnaidh ann an sgìrean. Leis sin, bha e a’ faireachdainn air cuid de sgoiltean sgiobaidhean a chur a-mach ann am farpaisean gus an do thuig iad gun gabhadh sgiobaidhean a thoirt còmhla nam biodh gillean agus clann-nighean gan cur còmhla. Bha cuideachd gluasadan am measg oileanaich a bha a’ lorg rudan agus spòrs ùr mar phairt de dh’atharraichean sòisealta eile agus miann co-ionnannachd. Chan e mhàin gu do thòisich boireannaich (òga) a’ nochdadh, ach thachair seo aig àm far an robh an gèam a’ sgaoileadh gu sgìrean ùra leithid Dhun Phàrlain agus Fiobha, bha sgioba Mheadhan-Earra-Ghàidheil an Glaschu, le corra bhan-Eireannach nam measg, cuideachd gu math taiceil agus thug sgioba Dhunadd ann an Ceann LochGilp impidh do chùisean bho 1995, agus leis sin cuideachd thòisich cuid de na meadhanan a’ gabhail aire de na bha a’ tachairt. Aig àmanan bha sin ann an dòighean a bha car fanaideach ach rè ùine, mar a thòisich boireannaich a’ nochdadh ann an suidheachain spòrs eile, (agus mar a thòisich an lagh agus beachdan dhaoine ag atharrachadh, sdòcha), shiollaidh sin air falbh.Tha cùisean gu math eadar-dhealaichte a-nis, ged nach eil a h-uile càil an òrdugh no mar bu mhiann le cuid. Tha astar an fhàs a’ sìor thogail agus chaidh an àireamh de bhoireannaich a tha a’ cluich aig ìre inbheach suas bho 224 ann an 2015 gu 423 an uiridh; am measg chloinn-nighean òga chaidh na h-àireamhan suas 122 gu 337 aig an aon àm. Tha a-nis 20 buidheann bhan a’ cluich camanachd le glè fhaisg air 36 sgioba fa-leth a’ cluich aig diofar ìrean. `S dòcha gur ann ans an Eilean Sgitheanach a bu luaithe a tha am fàs an deidh dhaibh sgioba a’ stèidheachadh ann an 2011.San fhichead bliadhna a dh’fhalbh, tha camanachd nam ban air tighinn gu ìre far a bheil dithis bhoireannach air Bord-stiùiridh Chomann na Camanachd, tha na h-àimhrean cluiche a’ sìor dhol am meud, tha sgiobaidhean nam fear air gabhail ri na boireannaich mar phàirt chudromach dhan ghèam agus airidh air taic, ged nach do nochd fhathast ach aon bhoireannach na rèitire air geamaichean nam fear gu cunbhallach.An uiridh an 2018, chaidh a’ chuairt dheireannach de Chupa Chamanachd nam Ban, Cupa Valerie Fhriseil, a chraoladh beò air BBC Alba le na ceudan an làthair an Ceann a’ Ghiùthsaich agus bana-rèitire a’ riaghladh. A’ cluich sa ghèam sin bha aon bhoireannach, Kirsty Deans, a bhoinneas do Cheann a’ Ghiùthsaich, a nochd seachdain an deidh sin ann an geam beò eile air an TV agus i a’ cluich ball-coise. Chaidh i air adhart bhon sin gu bhith air a h-ainmeachadh mar sgiobair air sgioba chamanachd Alba a’ cluich an Eireann agus chaidh a h-ainmeachadh mar neach spòrs na bliadhna air a’ Ghàidhealtachd le pàipear naidheachd na sgìre, am Press & Journal. Agus thas Kirsty chòir na sàmhla air a’ ghèam san fharsaingeachd, na cothroman, na ceistean na cunnartan. Mar neach teagaisg PE tha i eòlach gu leòr air spòrs agus air a tarraing eadar diofar spòrs. Agus sin a’ cheist mhòr a- nis. Le leithid rugbaidh nam ban agus ball-coise nam ban a’ sìor leudachadh agus a’ fàs nas proifeiseanta, a bheil camanachd gu bhith ann an suidheachadh na boireannaich a chumail aca fhèin, neo an tòisich iad a’ sruthadh air falbh gu spòrs eile.Tha a h-uile coltas ann an dràsta gu bheil impidh an casan na camanachd agus ma thèid aig Comann na Camanachd fhèin air suidheachadh nam ban a dhaingneachadh ann an riaghladh agus ro-innleachd a’ ghèaim, sdòcha, dìreach sdòcha, gu bheil saoghal ùr romhainn. Tha sinn pìos math air chùlaibh gèam na h-Éireann ach tha gu leòr an sin as urrainn dhuinn ionnsachadh. Ach tha aon rud cinnteach, mura freagair sinn na ceistean agus mura gabh sinn na cothroman, leanaidh na cunnartan. - Ùisdean Macillinnein This article was published on 2024-10-07