Football milestones and trophies. Image Ball-coise (football)Tha ball-coise fhathast nas tarraingiche dhan mhòr-shluagh an Alba na spòrs sam bith eile. Thug Lèirmheas McLeish sealladh farsainn air ìre chùisean ann an Alba. Tha cleachdaidhean agus dualachas aig bunait chùisean ann an spòrs a tha na ghnìomhachas luach nam billeanan mòra. Tha àite eachdraidheil aig Alba ann an leasachadh a’ bhuill-coise feadh an t-saoghail. Ann an 1937, chruinnich 149,415 neach gu Hampden airson geam eadar Alba agus Sasann, an sluagh a bu mhotha a bh’aig geam riamh, agus sheas an àireamh sin air clàr nan geamaichean gu 1950.Duaisean Ball-coise`S e am meadal eireachdail airgid a chaidh a thoirt mar dhuais le Sgioba Bhuill-coise Oilthigh DhùnÈideann do sgioba an 93mh Rèiseamaid Ghàidhealach ann an 1851 an duais ball-coise as sinne a th’ann. Chan eil ach aon duais ball-coise eile nas sinne na Cupa Cathrannais Ghlaschu (1876), agus `s e sin Cupa na h-Alba a tha a’ sìneadh gu 1874. `S e Sgiath Phàirc na Banrigh an duais as prìseil am measg oilthighean na dùthcha, agus chaidh an fharpais a stèidheachadh ann an 1921.Clachan-mhìle a’ bhuill-coise1424 A’ chiad chunntas againn mu bhall-coise ann an Alba; an Rìgh Seumas I ga chasg fo òrdugh. 1568 Màiri, Banrigh na h-Alba ag amharc 20 neach bhon chùirt a’ cluich geam sgileil de bhall-coise agus i air a dìobarradh gu Caisteal Charlisle. 1636 Leabhar Laideann ag innse gu mionaideach mu bhall-coise aig Sgoil Ghràmair Abairdheathain, le iomradh air dìon an tadhail, a’ bualadh a’ bhuill gu chèile eadar chluicheadairean agus a’ cur thadhail.1795 A’ chiad aithris air geam le boireannaich a-mhàin, ann Baile nam Feusgain.1824 Stèidichear a’ chiad bhuidheann ball-coise aimeatair anns an t-saoghal, an DùnÈideann.1867 Stèidhichear Sgioba Phàirc na Banrigh, a chiad bhuidheann ann an caidreachas Bhuill-coise na h-Alba. 1872 Chaidh a’ chiad geam ball-coise oifigeil aig ìre eadar-nàiseanta a chumail ann am Partaig; Alba an aghaidh Sasann.1873 Stèidhichear Comann ball-coise na h-Alba (SFA) ann an Glaschu. 1881 Anns a’ Mhàirt, bha Anndra MacBhatair, a’ chiad duine dubh a chluich aig ìre eadar-nàiseanta, na sgiobair air Alba, anns a’ chiad gheam a chluich e dhan sgioba. Anns a’ Chèitein chuir Lily St Clare bho Alba a’ chiad tadhal ann an geam oifigeil clàraichte le comann nam ban.1890 Stèidichear Lìog Bhall-coise na h-Alba. 1893 Thòisich proifeiseantachd am ball-coise.1910 Chaidh an SFA an dlùth-chompanas le FIFA. 1937 Seachdain an dèidh an àireamh a bu mhotha riamh aig gèam a chladh, chruinnich 147,365 gu Hampden a choimhead Cuairt Dheireannach Cupa na h-Alba.1954 Chluich Alba ann an Cuairtean Deireannach Farpais FIFA airson a’ chiad turas agus chaidh iad an dlùth-chompanas le UEFA. 1967 Bhuinnig Celtic FC Cupa na h-Eòrpa.1971 Stèidhichear Comann Bhall-coise nam Ban an Alba (SWFA). 1972 Bhuinnig Rangers FC Cupa Glèidhte na h-Eòrpa.1983 Bhuinnig Aberdeen FC Cupa Glèidhte na h-Eòrpa agus Sàr-Chupa na Roinn Eòrpa.1992 Chluich Alba airson a’ chiad turas aig Cuairtean Deireannach Sàr-Churaidheachd na h-Eòrpa. 2001 Stèidhichear Cupa na Cruinne son cluichadairean gun dachaigh.2013 Stèidichear Lìog Proifeiseanta a’ bhuill-coise an Alba (SPFL). 2017 Bhuinnig Celtic a h-uile farpais an Alba gun ghe1am a chall.Tha ball-coise cudromach ann an Alba; tha e stèidhichte ann an coimhearsnachdan agus tha piseach a’ tighinn air. Bha an sgioba nàiseanta aig ìre 34 (Màrt 2014) agus tha adhartas mòr a’ tighinn air ball-coise nam ban – 20 agus a’ gluasad air adhart.Tha barrachd a’ cluich ball-coise rè ùine. Tha goireasan cho math `s a tha anns an t-saoghal nis gan tairgse aig Ionad Nàiseanta Coileanaidh a chosg £30millean agus a chaidh a stèidheachadh an 2013. Tha seasamh na h-Alba am masg dhùthchanan eile ann am ball-coise a cheart cho làidir an-diugh seach gu robh Alba nam prìomh bhuill de Bhòrd Eadar-nàiseanta Comann a’ bhuill-coise a tha a’ stiùireadh riaghailtean a’ gheaim.Tha barrachd ghoireasan amhairc do bhall-coise aig ìre eadar-nàiseanta ann an Glaschu na prìomh-bhaile eile ann an Alba agus tha stòras cudromach eachraidheil a bhoinneas dhan spòrs fo chùram Taigh-Tasgaidh Bhall-coise Nàiseanta na h-Alba aig Pàirc Hampden ann an Glaschu. This article was published on 2024-10-07